Tha Eye of the Storm, film-aithris fada a rinn Anthony Baxter mun ealainiche Albannach Seumas Moireasdan, gu bhith air a shealltainn airson a’ chiad uair aig Fèis Filmichean Ghlaschu anns a’ Ghearran 2021. Agus thug BBC Reporting Scotland ciad shealladh dhuinn dhen bheothadaireachd a rinn mi fhìn dha.