BAFTA Albannach!

Tha Eye of the Storm air BAFTA Albannach a bhuannachadh! Thog stiùiriche Anthony Baxter agus mi-fhìn an duais aig tachartas spaideil ann an Glaschu aig an deireadh-seachdainn. Thug mi seachad taing dha san òraid agam airson pròiseact a thoirt dhomh a bhitheadh na aisling do bheòthadair sam bith, a bhi ag obair ann an stoidhle brèagha Sheumais Moireasdan, agus thug mi mo thaing cuideachd do BhBC ALBA agus do MG ALBA airson an taic a tha iad air toirt dhomh fad mo bheatha.

Chan urrainn dhomh a chreidsinn fhathast!

Anthony Baxter agus Catriona Black – Specialist Factual le taic bho Deloitte – Eye of the Storm

Luchd-amhairc Sìneach

Air 19 Sultain 2021 ghabh mi pàirt ann an sruth-beò air a chuir air dòigh le British Council Sìne, a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ bheothadaireachd a rinn mi do Eye of the Storm le Anthony Baxter. Chòrd e glan rium an eadar-theangaiche miorbhailleach fhaicinn ri obair, agus fhuair mi cothrom innse dhan luchd-amhairc uile mu dheidhinn a’ Ghàidhlig. Abair iongnadh nuair a chuala mi gun robh 83,000 air a bhith againn san luchd-amhairc sin!

 

Seann Naidheachdan

Rinn mi làrach-lìn gleansach ùr anns an Dàmhair 2020 agus thèid agam air postaichean snog a dhèanamh mu dheireadh thall! Tha na seann phostaichean uile fodha.


11 Dàmhair 2019
Fèis Eadar-Nàiseanta Beòthadaireachd Lunnainn

Chaidh an dealbh-beò agam mu chall na h-Iolaire, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, a thaghadh airson co-fharpais aig Fèis Eadar-Nàiseanta Beòthadaireachd Lunnainn! Sann còmhla ri dealbhan beò aithriseach a thèid a shealltainn, aig a’ Bharbican.

*****

21 Lùnastal 2019
Air a thaghadh airson Cannes Short Film Festival

Chaidh an dealbh-beò agam mu chall na h-Iolaire, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, a thaghadh le Cannes Short Film Festival! Leugh ma dheidhinn anns a Herald.

*****

6 Cèitean 2019
Air Gearr-liosta RTS na h-Alba airson Duais na Beòthadaireachd

Tha an dealbh-beò agam mu chall na h-Iolaire, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, air gearr-liosta duais beòthadaireachd RTS na h-Alba!

*****

14 Dùbhlachd 2018
Tha thu air Aigeann m’ Inntinn: Première agus craoladh

Thèid an dealbh-beò agam mu chall na h-Iolaire, Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, a shealltainn airson a’ chiad uair riamh aig An Lanntair, Steòrnabhagh, air 17 Dùbhlachd, ri taobh nam filmichean eile agam, agus thèid a chraoladh air BBC ALBA air 31 Dùbhlachd (20:20 & 22:05), 1 Faoilleach (17:25 & 19:10), 2 Faoilleach (20:25) agus 6 Faoilleach (19:40).

*****

11 Iuchar 2018
Dealbh beò mu an Iolaire air a choimiseanadh le BBC ALBA

Tha mi uabhasach toilichte innse dhuibh gu bheil mi a’ dèanamh dealbh beò goirid do BhBC ALBA, air a mhaoineachadh le MG ALBA, mu chall na h-Iolaire agus a’ bhuaidh a bh’ aige air muinntir Leòdhais is na Hearadh. Thèid a chraoladh air Oidhche Challainn is Latha na Bliadhn’ Ùire.

*****

05 Gearran 2018
Am Bocsa Eadar-Nàiseanta

Ged a tha Catrìona air a bhith a’ fuireach san Òlaind bliadhna neo dhà a-nis, tha an dàimh aice ris a’ Ghàidhlig air sìor dhoimhneachadh. Chlàraich i Am Bocsa an-diugh mar ghnìomhachas Duitseach, airson “tekenfilms” a riochdachadh. Tha Am Bocsa ’na chompanaidh fìor eadar-nàiseanta a-nis.

*****

05 Dùbhlachd 2017
Sly Cooking Mu Sgaoil

Bha 2017 ’na bliadhna thrang do Chatrìona: chaidh an leabhar aice, Sly Cooking: 42 Irresistible Gaelic Words, fhoillseachadh le Acair, chaidh an obair-ealain bhuaithe a thaisbeanadh aig An Lanntair, rinn MacTV prògram do BhBC Alba mun phròiseact, chaidh tachartasan sònraichte a chumail aig An Lanntair is aig Ceòlas, agus tha làrach-lìn ùr shònraichte ann mu na faclan air fad anns an leabhar, www.slycooking.com.

*****

18 Òg-mhios 2014
Calum Noah air BBC Alba

Théid Faodail a chraoladh aig 19.30 uairean air BBC Alba, Diciadain 25 agus Diar-Daoin 26 an t-Òg-mhios 2014.

*****

6 Màrt 2014
Taic bhon Chomann Rìoghail Cheilteach airson Sly Cooking (and other essential Gaelic concepts)

Nuair a chuir Catrìona roimhpe an toiseach leabhar-pòcaid le dealbhan a stèidheachadh air faclaire Mhaighstir Ailein, bha i am beachd a dhealbhadh gu didseatach. Bhon uair sin thionndaidh i gu dòighean tradiseanta air printichean a dheanamh fo ainm Black Prints, agus tha i a’ togail a cliù san Òlaind mar ealainiche. Théid Sly Cooking (and other essential Gaelic concepts) a dhealbhadh a-nis le printichean linocut, agus tha e air taic ùr airgid fhaighinn bhon Chomann Rìoghail Cheilteach.

*****

5 Gearran 2014
Théid Faodail a shealltainn le BBC Alba

A’ leantainn lorgan nam filmichean eile a rinn Am Bocsa, tha Faodail air taic BBC Alba a tharraing le cead cóig bliadhna airson a shealltainn air telebhisean agus air-loidhne. “Tha mi buileach air mo dhòigh,” arsa Catrìona NicilleDhuibh. “Tha am film seo air leth cudromach dhomh – bha mi airson leigeil le guthan an àm a dh’fhalbh bruidhinn air an son fhéin, agus tha mi ag iarraidh gum bi iad air an cluinntinn.”

*****

11 Dàmhair 2013
Faodail a’ cuir charan

Théid Faodail a shealltainn ann an sreath annasach anns an Eilean Sgìtheanach air a’ mhìos sa, mar phàirt de Spin Cycle.

*****

24 Céitean 2013
Sly Cooking (and other essential Gaelic concepts)

Tha Catrìona air taic airgid fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean gus am beachd-smuain as ùir’ aice a chur air adhart, leabhair-pòcaid airson inbhich, làn dealbhan. Tha Sly Cooking (and other essential Gaelic concepts) a’ cur an céill cuid dhen a’ bhriathrachais neònaich, mhìorbhailich, shùpailte a chruinnich Maighstir Ailean o chionn còrr agus ceud bliadhna ann an Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh.

*****

23 Faoilleach 2013
Tha Faodail Deiseil!

Bha a’ film as ùir’ againn, Faodail, fada sa bheairt, ach tha e deiseil mu dheireadh thall. Ged a bha e gu bhith ’na fhilm beothaichte, ghabh e beatha ùr mar film ealain, ’s tha dùil aig Catrìona NicilleDhuibh a shealltainn ann an gailearaidhean agus féisean film air feadh an t-saoghail. ’S e air a tharraing bho Thasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba, tha e a’ cuachail a-mach ’s a-steach á sgeulachdan, òrain, cuimhneachain agus orrthachan an Gàidhlig ’s an Albais, gan colmadh ri chéile ’nam bréid chumhachdach de ghuthan fuadain bho àm a chaidh.

*****

21 Dàmhair 2011
Duais aig a’ Mhòd airson An Tractar agus an Liobht

Bhuannaich An Tractar agus an Liobht a’ chiad duais ann an co-fharpais leabhraichean cloinne aig a’ Mhòd an t-seachdain sa. Tha Catrìona air leth moiteil ás, agus i ag obair cruaidh air an ath leabhar aice do dh’Acair, Cairistìona Camaillean.

*****

11 Samhain 2010
Airgead a Ameireaga airson Dealbh Beò Ùr

Tha urras film Gach-Rathad National Geographic air tabhartas sìolchuir a thoirt dhan ath fhilm againn, Faodail. Leigidh an t-airgead le Catrìona NicilleDhuibh tilleadh gu Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba a dhèanamh obair bhrèide fuaim mar bhunait do dhealbh-beò ùr.

*****

30 Sultain 2010
An Tractar agus an Liobht anns na Bùthan

Tha An Tractar agus an Liobht a-nis air tighinn a-mach! Ceannaichibh a’ chiad leabhar aig Catrìona NicilleDhuibh an seo.

*****

31 Lùnastal 2010
Leabhar Ùr

Tha Catrìona dìreach air crìoch a chur air a’ chiad leabhar chloinne aice, An Tractar agus an Liobht, a théid a chlo-bhualadh le Acair san t-Sultain. Chan eil am prìomh charactar idir eu-coltach ri a mac, Calum, aig a bheil gaol neònach do liobhtaichean.

*****

19 Dàmhair 2009
Pìobairean Bhòrnais air STV

Tha STV air prógram aon mhionaid a dheanamh mu dheidhinn Pìobairean Bhòrnais, a théid a shealltainn 14 uairean an t-seachdain sa. Agus ma bha sibh a’ faighneachd dhuib’ fhéin carson nach eil móran air nochdadh air duilleag na naidheachd airson bliadhna neo dhà, ’sann air sgàth is gun robh dithis chloinne aig Catrìona – Calum, a-nis dà bhliadhna de dh’aois, agus Anna, ceithir mìosan. Ach chan eil sin a’ cur stad oirre – cùmaibh sùil a-mach airson pròiseact ùr annasach a théid ainmeachadh a dh’aithghearr.

*****

16 Sultain 2008
Calum Noah anns a’ Ghearmailt

Théid Calum Noah a shealltainn san Dàmhair aig Schlingel anns a’ Ghearmailt.

*****

29 Samhain 2007
Calum Noah air BBC Alba

Théid Calum Noah a chraoladh air BBC 2 aig 18:00 uairean air Diar-Daoin 20 an Dùbhlachd 2007.

*****

25 Òg-mhios 2007
Premiere Calum Noah aig Féis Film Eadar-Nàiseanta Dhùn Éideann

Théid an dreach Beurla de Chalum Noah a shealltainn aig Féis Film Eadar-Nàiseanta Dhùn Éideann am-bliadhna. Chaidh a thaghadh mar phàirt de phrógram Dealbhan Beò Teaghlaich Di-Sathairne 25 Lùnastal. Cha mhór nach eil a’ film deiseil agus tha Catrìona NicilleDhuibh a’ coimhead air adhart ri crìoch a chur air ann an deagh àm an dà chuid airson na Féise agus airson breith a’ chiad phàiste aice san t-Sultain!

*****

04 Dùbhlachd 2006
Pìobairean Bhòrnais: Mór an Ameireaga

Tha Pìobairean Bhòrnais, a’ gabhail roimhe ás leth filmichean Gàidhlig thar nan Stàitean ’s Chanada air an Nollaig sa mar phàirt de bhocsa-seata DVD. ’S e air fear de 18 filmichean a rinn stiùirichean bho mion-chultaran, tha an sgeulachd bho Uibhist a-Deas ga sgaoileadh le lebhiàtan film, Warner Home Video, thar Ameireaga a-Tuath.

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a shealltainn anns a’ chiad Fhéis Film Gach-Rathad leis an National Geographic ann an Los Angeles agus ann a Washington DC sa bhliadhna 2004. Tha leithid Spike Lee agus Kiefer Sutherland air bòrd na féise, còmhla ri luchd-eòlais mhion-chultaran leithid N. Bird Runningwater bho Féis Film Sundance.

Chaidh 18 de na filmichean as fheàrr a thaghadh, an dà chuid feadhainn ghoirid agus làn-fhaide, airson Cruinneachadh Féis Film Gach Rathaid. Buinidh na filmichean do mhion-chultaran anns na Stàitean, New Zealand, Astràilia, an Ruis, Zimbabwe, Kazakhstan, Afraga a-Deas agus Alba, agus se Pìobairean Bhòrnais an aon fhilm a th’ aca bhon Roinn Eòrpa an-iar. Bidh an seata ga reic o 15 Dùbhlachd.

*****

02 Màrt 2006
Calum Noah: Guthan Gasta sa Chanastair

Tha sinn fìor thoilichte innse g’eil trì sàr actairean Gàidhlig air an guth a thoirt don phròiseact tha dol againn, Calum Noah. Chaidh Iain MacilleMhìcheil, Màiri Mhoireasdan ’s Anna Nic na Ceàrdaich a chlàradh an Dùn Éideann an t-seachdain sa chaidh. Nach iad a fhuair gàir’ ás an sgeul.

*****

22 Sultain 2005
Superhero: Prògram Aithriseach ùr a-mach a dh’ aithghearr

Anns an dàrna phrogram aithriseach aice, bidh Catrìona a’ sealg a’ chiad cartoon superhero Gaidhealach. Thèid Superhero a chraoladh mar phàirt de sreath ealain Ealtainn air BBC2 aig 19.30, Diardaoin 6 an Dàmhair 2005.

*****

3 Lùnastal 2005
Pìobairean Bhòrnais air Program Ealain STV

Seallaidh Catrìona NicilleDhuibh mar a rinn i Pìobairean Bhòrnais air Càrlas, am program ealain ùr aig STV, Di-Sathairne 6 Lùnasdal aig 13.25.

*****

19 Giblean 2005
Catrìona ’s na Colourists air Telebhisean a-rithist

Théid Catrìona ’s na Colourists a shealltainn air BBC2 Alba aig 18.30 uairean, air Diar-daoin 5 Céitean 2005.

*****

12 Giblean 2005
Solas Uaine airson Calum Noah

Tha Calum Noah, am pròiseact as ùire aig Am Bocsa, air airgead crannchuir fhaighinn bho Sgrion Alba. Le comisean mar-thà bho BBC Alba, agus gealladh maoineachaidh bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, tha Calum Noah a-nis deiseil airson riochdachaidh. Tha sinn an dòchas crìoch a chur air a’ film, a mhaireas cóig mionaidean, ann am meadhan 2006.

*****

3 Gearran 2005
Pìobairean Bhòrnais ann an New Zealand

Théid Pìobairean Bhòrnais a shealltainn san Òg-mhios, aig féis Maori ann an New Zealand.

*****

11 Faoilleach 2004
Catrìona ’s na Colourists air a thaghadh airson na Feis Cheiltich

Chaidh Catrìona ’s na Colourists a thaghadh le Féis Film is Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach, a tha a’ gabhail àite ann an Cardiff sa Ghiblinn.

*****

10 Faoilleach 2005
Tha Am Bocsa a’ Gluasad

Tha Am Bocsa a’ gluasad air 21 Faoilleach 2005. Faic an seòladh ’san àireamh fón ùr againn aig an duilleag “cuir fios”.

*****

2 Sultain 2004
Catrìona NicilleDhuibh ’na Rionnaig ann am Prògram Aithriseach

Tha stiùiriche Am Bocsa, Catrìona NicilleDhuibh, ri fhaicinn ann am prògram aithriseach leth-uair a thìde a théid a chraoladh air a’ mhìos sa. Leanaidh Catrìona ’s na Colourists na h-oidhirpean aig Catrìona gu bhith a’ lorg càit an do pheant na Dathadairean na dealbhan aca agus gu bhith gan ath-chruthachadh ás a seasamh mar dhealbhan beò. Théid am prògram a shealltainn mar phàirt den t-sreath ealain Ealtainn air BBC2 Alba aig 7.00 uairean feasgar Diar-Daoin 30 Sultain 2004.

*****

18 Lùnastal 2004
Pìobairean Bhòrnais ann an Ameireaga

Corr is bliadhna bhon deach crioch a chuir air, ’s chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh airson grunnan fhéisean a bhios a’ tachairt as t-fhoghar. Theid am film a shealltainn le Féis Eadar-Nàiseanta Palm Springs nam Filmichean Goirid anns an t-Sultain, agus tillidh e gu California an ath mhios airson Féis Film All Roads, leis an National Geographic. Tha an fhéis ùr seo ag amas gu sonraichte air filmichean bho mion-chulturan, agus bidh i ann an Los Angeles agus ann a Washington DC. Nas fhaisge air an taigh gabhaidh Pìobairean Bhòrnais pàirt ann am Féis Bhaile nam Marsantan ann an Glaschu san t-Sultain.

*****

9 Lùnastal 2004
Pìobairean Bhòrnais ann an Taisbeanadh san Eilean Sgitheanach

Théid ealan bho Pìobairean Bhòrnais, nach fhacas riamh roimhe, a shealltainn mar pàirt dhen taisbeanadh Captivate aig An Tuireann san Eilean Sgitheanach. Bheir an taisbeanadh sùil air obair bheothadairean ùra bho gach ceàrnaidh de dh’Albainn, agus gabhaidh e àite eadar 14 Lùnasdal agus 25 Sultain. As deidh sin ni e cuairt air feadh na Ghaidhealtachd.

*****

19 Céitean 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh airson Anima Mundi

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Anima Mundi, a tha a’ gabhail àite ann an Rio de Janeiro agus São Paulo, Brazil, san Iuchar.

*****

15 Céitean 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh airson Féis ann an Aragon

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Festival de Cine de Huesca, a tha a’ gabhail àite anns an Spàinn san Òg-mhios.

*****

26 Faoilleach 2004
Pìobairean Bhòrnais anns na British Animation Awards

Théid Pìobairean Bhòrnais a shealltainn air feadh Breatainn sa Ghearran, mar phairt de sgrionaidhean roghainn an t-sluaigh aig na British
Animation Awards
.

*****

13 Faoilleach 2004
Pìobairean Bhòrnais air a thaghadh airson na Feis Cheiltich

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a thaghadh le Féis Film is Telebhisean nan Dùthchannan Ceilteach, a tha a’ gabhail àite ann an Dùn-Dèagh sa Ghiblinn.

*****

21 an Dùbhlachd 2003
Pìobairean Bhòrnais air BBC Alba

Théid Pìobairean Bhòrnais a chraoladh air BBC 2 aig 18:00 uairean air Diar-Daoin 8 Faoilleach 2004.