Mu dheidhinn

“cruthachail is Gaidhealach, mac-meanmnach is tarraingeach” – Inverness Courier

Is mise Catrìona NicilleDhuibh, is stèidhich mi Am Bocsa ann an 2001, a leantainn aisling mo bheatha dealbhan-beò goirid a dhèanamh. Cha b’ e ruith ach leum leam le Pìobairean Bhòrnais a rinn mi do BhBC ALBA, a chaidh sìos gu math air feadh an t-saoghail. Tha mi air iomadh film a dhèanamh bhon uair sin a chaidh ainmeachadh airson iomadh duais.

Tha dà rud a’ tighinn os cionn a h-uile rud eile dhòmhsa, : gu bheil na dealbhan-beò agam nan obraichean-ealain gluasadach air an dèanamh le làimh, agus gu bheil na filmichean Gàidhlig agam fìor Ghaidhealach. Agus tha sin a’ soirbheachadh leam: tha daoine a’ tilleadh a choimhead nam filmichean agam uair is uair.

Rinn mi na filmichean tràth le Corel Painter (feumaidh gun robh mi craicte) agus tha mi a-nis ag obair le bathar-bog proifeiseanta 2D, TVPaint. Na th’ aca ann an cumantas se an comas gu bhith a’ tarraing le làimh (a’ deanamh feum de chlàr grafach), agus gu bhith a’ taghadh à roghainn de dhiofar bhruisean didseatach a bhios mas fhìor a’ toirt gach nì beò.

B’ àbhaist dhomh fuireachd ann an Alba, ag obair tron Ghàidhlig is tron Bheurla. Tha mi a’ fuireachd a-nis anns na Tìrean Ìsle far am bi mi ag obair tron Ghàidhlig, tron Bheurla is cuideachd tron Duitsis.

Fàilte, welcome, welkom! Tha mi ’n dòchas gun còrd an obair agam riut.