Calum Noah

Càite, cuin, agus có leis, a chaidh a’ chiad dannsa claidhimh a dhèanamh? Tha sinne a’ smaointinn gur e Calum, mac Noah, a rinn e, nuair a bhuin an Àirce ri tìr. Tha Calum Noah a’ toirt sùil spòrsail air mar a thòisich an danns, ag innse sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach a chaidh a dhìochuimhneachadh le móran.

Chaidh an ceòl a sgrìobhadh agus a chluich leis a’ chluicheadair-bhocsa ioma-thàlantach Simon Thoumire, agus tha an sgriobt le Mairead Ros á Gleann Dail anns an Eilean.

Chaidh Calum Noah a chomiseanadh le BBC Alba le airgead bho Sheirbheis nam Meadhanan Gàidhlig agus Crannchur Nàiseanta Sgrìon Alba. Chaidh a chraoladh air a’ BhBC airson a’ chiad uair ann an 2007.