Dachaigh

“peantadh didseatach iongantach math” – National Geographic

Bidh Am Bocsa a’ dèanamh dealbhan-beò 2D a tha làn ealain. Is iad air an tarraing ’s air am peantadh le làimh, ach gu tur digiteach, tha na dealbhan-beò

Bidh Am Bocsa a’ dèanamh dealbhan-beò 2D a tha làn ealain. Is iad air an tarraing ’s air am peantadh le làimh, ach gu tur didseateach, tha na dealbhan-beò aig Catrìona air am barantachadh gu bhith sònraichte.

Tha a’ chuid mhòr de na filmichean aice ri’m faicinn air loidhne airson a’ chiad uair air an làrach-lìn seo fhèin.

Mu dheidhinn

“cruthachail is Gaidhealach, mac-meanmnach is tarraingeach” – Inverness Courier

Is mise Catrìona NicilleDhuibh, is stèidhich mi Am Bocsa ann an 2001, a leantainn aisling mo bheatha dealbhan-beò goirid a dhèanamh. Cha b’ e ruith ach leum leam le Pìobairean Bhòrnais a rinn mi do BhBC ALBA, a chaidh sìos gu math air feadh an t-saoghail. Tha mi air iomadh film a dhèanamh bhon uair sin a chaidh ainmeachadh airson iomadh duais.

Tha dà rud a’ tighinn os cionn a h-uile rud eile dhòmhsa, : gu bheil na dealbhan-beò agam nan obraichean-ealain gluasadach air an dèanamh le làimh, agus gu bheil na filmichean Gàidhlig agam fìor Ghaidhealach. Agus tha sin a’ soirbheachadh leam: tha daoine a’ tilleadh a choimhead nam filmichean agam uair is uair.

Rinn mi na filmichean tràth le Corel Painter (feumaidh gun robh mi craicte) agus tha mi a-nis ag obair le bathar-bog proifeiseanta 2D, TVPaint. Na th’ aca ann an cumantas se an comas gu bhith a’ tarraing le làimh (a’ deanamh feum de chlàr grafach), agus gu bhith a’ taghadh à roghainn de dhiofar bhruisean didseatach a bhios mas fhìor a’ toirt gach nì beò.

B’ àbhaist dhomh fuireachd ann an Alba, ag obair tron Ghàidhlig is tron Bheurla. Tha mi a’ fuireachd a-nis anns na Tìrean Ìsle far am bi mi ag obair tron Ghàidhlig, tron Bheurla is cuideachd tron Duitsis.

Fàilte, welcome, welkom! Tha mi ’n dòchas gun còrd an obair agam riut.

Filmichean

“Gad ghluasad gu domhain” – The Herald

Briog air film airson tuilleadh fiosrachaidh.

Naidheachd

Air ais ann am Bonn as dèidh 20 bliadhna

O chionn 20 bliadhna bha mi an làrach aig FilmAlba ann am Bonn gus Pìobairean Bhòrnais leigeil fhaicinn do luchd-choimhead sònraichte Gearmailteach aig an robh Gàidhlig. Tha mi gu bhith tilleadh a-nis le Tha thu air Aigeann m’Inntinn, Faodail agus Pìobairean Bhòrnais, uile rim faicinn air 28 Samhain 2023. Tha fadachd orm ris!

Cuir fios

Please enable JavaScript in your browser to complete this form.