Eye of the Storm: Seumas Moireasdan

Bhuail am filmeadair ainmeil Anthony Baxter ann an cnap-starradh: bha e a’ dèanamh film aithriseach dhan BhBC mun pheantair Albannach Seumas Moireasdan, ach cha robh film idir aige a riochdaicheadh na sgeulachdan a bha Seumas ag innse. Smaoinich e air filmeadh san Arctaig, ach cha robh fios aige gun robh COVID19 dìreach gu nochdadh.

Thainig e thugamsa an àite sin, gu fortanach, oir bha e air an stoidhle peantaireach agam fhaicinn agus bha fios aige gun cuirinn rudeigin sònraichte ris a’ phròiseact, a thigeadh ris a’ chuspair. Agus se fìor thoileachas a bh’ ann dhomhsa, a bhith a’ dealbhachadh ann an stoidhle a’ pheantair fhèin, ann am peant-ola digiteach agus peann is inc, a’ fighe na h-ealain agam fhìn ri ealain a’ Mhoireasdanach, a’ measgachadh ealain is cuimhne.

Tha e a’ bualadh orm gu bheil tòrr aig beothadaireachd ri thairgse nuair tha gach nì glaiste sìos – thèid aig boireannach san stiudio aice air film a dhèanamh de dh’àiteannan far nach fhaigh na camaras an-diugh.

Bhuannaich am fiolm BAFTA Albannach! Chaidh e a chraoladh air BBC Scotland agus BBC 2 ann an 2021. Seo pìos snog a rinn BBC Naidheachdan ma dheidhinn.