Faodail

Cuimhneachain fhuadain, air an colmadh ri chéile bho na tasglannan, bho chultar a tha a’ strì gu fuil bhlàth a chumail ’na chuisleanan. Tha Faodail a’ cuachail a-mach ’s a-steach á sgeulachdan, òrain, cuimhneachain agus orrthachan an Gàidhlig ’s an Albais. Tha e ’na mheasgachadh de mhòmaidean beaga pearsanta a chaidh a chompàirteachadh ’s a ghleidheadh gu bràth.

Tha am fuaim gu léir air a tharraing bho thasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba, Alan Lomax agus Chanaigh, ’s chaidh na h-ìomhaighean ath-obrachadh bho Eriskay: A Poem of Remote Lives, filmichte le Werner Kissling ann an 1934. Seo a’ chiad film a rinn mi gun bheothachadh.

Chaidh Faodail a chraoladh air  BBC ALBA ann an 2014 agus chaidh a chur air an geàrr-liosta, còmhla ri Tha thu air Aigeann m’ Inntinn, airson cruinneachadh is taisbeanadh Taigh-Tasgaidh cudromach an Stedelijk ann an Amsterdam.