Pìobairean Bhòrnais

Se Pìobairean Bhòrnais a’ chiad dhealbh-beò agam is se “hit” mòr a bh’ ann. Chaidh a stèidheachadh air seann lorg fuaim seanchais à Uibhist a Deas, a lorg mi air ruidhle-gu-ruidhle aig Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha gille òg a’ gabhail ri droch chùmhnant le sithiche eagalach ’san sgeulachd ainmeil seo.

Chaidh an ceòl tarraingeach a dhèanamh gu sònraichte air son a’ film leis a’ phìobaire ainmeil Ruairidh (òg) Caimbeul, agus chaidh na dealbhan, a tha coltach ri peantadh-ola gluasadach, a dheanamh gu didsiteach le Corel Painter.

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a chraoladh air a’ BhBC airson a’ chiad uair ann an 2004, chaidh a shealltainn ann an corr is 50 taigh-dealbh air feadh an t-saoghail agus chaidh a sgaoileadh air DVD ann an Ameireaga a tuath le  National Geographic. Tha e fhathast a’ faighinn fàilte chridheil bho luchd-amhaircean Gàidhlig an-diugh.

Chaidh Pìobairean Bhòrnais a chomiseanadh le BBC Alba agus a mhaoineachadh le CCG agus Crannchur Nàiseanta Sgrìon Alba.