Tha thu air Aigeann m’ Inntinn

Chaidh Tha thu air Aigeann m’ Inntinn a dhèanamh airson call an Iolaire a chomharradh air Oidhche Challainn, 2018, ceud bliadhna bho thachair e. ‘S e air a choimiseanadh leis a’ BhBC is a mhaoineachadh le MG ALBA, chaidh fhaicinn air feadh an t-saoghail, chaidh ainmeachadh airson iomadh duais, is bhuannaich e Dealbh Beò as Fheàrr aig an New Renaissance Film Festival ann an Amsterdam.

Chaidh 201 seòladair a mhilleadh ann an dol fodha na h-Iolaire nuair a bhuail i air sgeirean gun ach slatan on dachaigh. Tha recòrdaidhean-tasglainne bho na shàbhail ’s bho fhianaisean air am fighe còmhla ri sgòr drùidhteach ciùil leis an fhìdhleir Sarah-Jane Summers agus ris an dàn aig Iain Mac a’ Ghobhainn.

Tha am film a’ sgrùdadh an àmhghair aig Leòdhasaich agus Hearaich a tha ag iarraidh am pian dùthchasach aca a thuigsinn ach a th’ air an cur gu dùbhlan a’ feuchainn ri ceanglaichean a dhèanamh ris na fir a chaill iad thairis air beàrn de ghinealaichean balbh.

Tha iomadh ìre ann ’s e a’ ceangal sgeidsichean beothaichte air stoidhle guail-fhiodha ri innich shùpailte, togte le camara far an do thachair an call, le bloighean de dh’fhoirmean bho urras a’ challa a chaidh a lìonadh a-steach le luchd-dàimh anns na seachdainean a lean.

Chaidh Tha thu air Aigeann m’ Inntinn a choimiseanadh le BBC ALBA agus a mhaoineachadh le MG ALBA.